Tuesday, 21 May 2013

Fòghnaidh na dh'fhòghnas (grammarian's corner na seachdaineach)

A' fàsachadh na Gàidhlig

No languages other than Gaelic were harmed in the making of this photograph


Cò às a thàinig an sluagh-ghairm coimheach seo? The Gaelic Excellence Group?

Saturday, 11 May 2013

Sabhal Mòr Ostaig ga coimeas ri Ì Chaluim Chille (a rèir muinntir na colaiste)

SMO and the art of self-effacing understatement


“Tha lèirsinn, miann-adhartais agus nuadhas air a bhith nan comharran air an t-Sabhal Mhòr thairis air na ceithir deicheadan a dh’fhalbh agus tha iad fhathast follaiseach is sinn a’ gluasad air adhart leis an ath ìre leasachaidh, cruthachadh baile ùr air fearainn ri taobh dà làrach na colaiste. Tha aon dhe na làraich sin air ainmeachadh às dèidh an naoimh Caluim Cille, a rinn Eilean Idhe na lòchran oideachaidh agus soilleireachaidh iomadh linn air ais. Tha daoine [cò iad? – Gilleasbuig] a’ coimhead air an t-Sabhal Mhòr san linn seo ann an car an aon dòigh sa bhathas ri Eilean Idhe bho shean agus tha a’ cholaiste air pàirt de roile [?! ] Thriathan nan Eilean agus nan ceann-feadhna a ghabhail thairis mar mheadhan brosnachaidh nan ealan.”


- Proifeasair Boyd Robasdan, “Sabhal Mòr Ostaig 40th Anniversary Commemorative Supplement” (anns a’ Phàipear Bheag)


Beachd 'illeasbuig:

Seadh seadh, dìreach, rinneadh buaidh mòr orm fhìn le meadhan brosnachaidh nan ealan seo, a dh’ionnsaigh na creative industries a-rithist. Bu thoil leam meal-a-naidheachd a chur orm fhìn airson sàr-mhaitheis agus nuadhais anns an raon sgeuladaireachd goirid, car an aon dòigh sam biodh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair a’ dèanamh a chuid bàrdachd san linn aige fhèin, agus mòran daoine a’ dèanamh coimeas eadar e fhèin agus mi fhìn.
 Faic: Commemorating 9 glorious years of Gilleasbuig's memorable short story

Saturday, 4 May 2013

Unpronounceable Gaelic signage vol. XIX

soidhne air a faicinn ann am Port Rìgh

Beachd 'illeasbuig?

"SPASD! 'S fhìor thoil leam e, mòran nas fhèarr na 'SGiRPID', an dòigh Beurla" 

Thursday, 18 April 2013

Gilleasbuig agus na Creative Industries vol. II

Rinn guest correspondent na seachdaineach, "Concerned Uibhisteach", an dàn seo:

"Cudromach" le Concerned Uibhisteach


Cudromach,Cudromach, tha h-uile nì cho cudromach
’Sa mhadainn 's anns  an fheasgair, air Rèidio nan Gàidheal.
Gach fear is tè cho cinnteach, 's cho barralach na'n dòigh 
'S 'ad 'toirt fianais air a Ghàidhlig,'s i cho Cudromach na'n glòir!


Ach coma leibh'sa  a' bhi g' èisteachd ri sgioba microphones,
'S gach aon dhuibh fo dheagh thurasdal, 's bidh sin Cudromach le cinnt!!
'S gur a Cudromach leam fhèin e, is coltach  g'ur facal  Cudromach tha ann
'S e Rèidio Gaelic fhèin thuig beò e, 's rinn fasan dheth n’ar cainnt!

Ach Cudromach! o! gu Cudromach!, tha mise fàs dheth seachd-searbh,
Aig [ainm air a tharraing o chionn comhairle lagha] gu'm bi e an còmhnaidh-s'aig luchd na Media na dhèidh;
Cudromach, Cudromach, tha h-uile nì cho cudromach
’Sa mhadainn 's anns an fheasgair, air Rèidio nan Gàidheal!




"Bàrdachd bhàighbrant is misneachail" - G. Aotrom, an t-Eilean Sgitheanach
                            

Sunday, 14 April 2013

Gilleasbuig salutes the achievements of Soillse

Neach-rannsachaidh Gilleasbuig a' rannsachadh na tha de rannsachadh a rannsaich a-mach Soillse gu ruige seo

Chaidh pròiseact Soillse a chur air bhog ann an 2009.

Stiùiriche a' phròiseact Rob Dunbar:
"Bha dà rud mòr san amharc an toiseach: a' togail comasan-rannsachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd gu h-àraid, agus lìonra luchd-rannsachaidh a chur air chois a' gabhail a-steach luchd-rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus oilthighean eile ... a bharrachd air an rannsachadh fhèin, bhathas an dùil gum bithear a' togail comasan rannsachaidh cuideachd. Ged a tha rannsachadh air a bhith againn thairis air na bliadhnaichean a thaobh phoileasaidhean Gàidhlig agus rudan ceangailte ri sòisio-chànanachas, bhathas dhen bheachd nach robh lìonraidhean gu leòr ann de luchd-rannsachaidh, agus nach robh luchd-rannsachaidh gu leòr ann ..."

Toraidhean rannsachadh luchd-rannsachaidh Shoillse bhon uair sin, a rèir an làraich aca fhèin:

2010: Er, moving right along ...

Sunday, 31 March 2013

Gilleasbuig agus leasachadh buneagair (don’t ask)


An t-seachdain-sa tha ar n-aithrisear Màiri Seimpleir air ais, a’ toirt sùil air a’ cheist sin a th’ air aire mòran: leasachadh buneagair (le cuideachadh bho Ro-innleachd Nàiseanta na h-Ealain Gàidhlig, td10!)

Sin thu fhèin a Mhàiri …


Leasachadh buneagair le M. Seimpleir
Tha a’ bhuneagar ùr chultarach Ghàidhlig a th’ air nochdadh beag air bheag air seirbheisean blogaidh ùra a thoirt

Friday, 15 March 2013

Isn't Gaelic signage simply wonderful? - revisited

Bha Gilleasbuig còir a-mach air chuairt bho chionn ghoirid:


Glè mhath - ach am faodadh e bhith gu bheil iad a' ciallachadh Àrd Mhàsair?