Thursday, 6 February 2014

Skills Development Scotland - their Gaelic skills need developing

'S e na their a' bhuidheann SDS as fhèarr a dh' innseas cò iad:
"Is sinne buidheann sgilean na h-Alba, a’ dìreadh air cur ri fàs seasmhach eaconamaidh na h-Alba tro bhith a’ cur ri lìbhrigeadh Ro-innleachdan Eaconamach is Sgilean na h-Alba".

Agus, nan robh an còrr fiosrachaidh a dhìth:
"Bidh sinn ag obair le com-pàirtichean air feadh na h-Alba gus na seirbheisean a leanas a lìbhrigeadh:
• Seirbheis TCFD na h-Alba
• BCFL (A’ Bhuidheann-ghnìomha Chom-pàirteach airson Fastachd Leantainneach) - taic do dhaoine a tha dith-obrach an dàn dhaibh
• Prògraman NàiseantaTrèanaidh a tha a’ dìreadh air taic a thoirt do neachan a chor is gum faigh iad ’s gun cum iad obair (Bithibh Deiseil a dh’Obair agus Trèanadh do dh’Obair) "

Gilleasbuig: 
!!!


Seadh, an t-seachdain-sa tha Mghr Aotrom còir a' toirt thugaibh highlights bhon Ro-innleachd chorporra aig Skills Developement Scotland. Nach buidhe dhuibh!



Mar a chanas iad sa Ghàidhlig aca fhèin, "Tha am mapa ro-innleachd ... a’ dèanamh geàrr-chunntas
 den obair seo, agus a’ cruthachadh bun-stèidh fa chomhair na treise tarraingich a tha ri teachd". 



Leasachadh Sgilean na h-Alba - 's iad na "neachan" ;-) seo a tha toirt a-mach sàr-mhathas mar bhuidheann!
"’S e ar sealladh ach Alba mar dhùthaich anns a bheil neachan is gnìomhachasan a’ faotainn taic o shiostam sgilean is foghlaim a chuidicheas iad an làn chomasan a choileanadh …"                                                    Gilleasbuig: zzzzz … 



Beachd 'Illeasbuig:

Mòran taing, a mhuinntir SDS! 'S fhada bho nach d'rinn Gilleasbuig a leithid de ghaireachdainn! 'S dòcha bho leugh e an aithisg leis the Gaelic Excellence Group fhèin!


@GilleAotrom 

1 comment:

  1. Cho soilleir ri gathan name grèine!

    ReplyDelete