Thursday, 30 November 2017

Dè th' ann a tha fàgail latha Naoimh Anndra cho àraid, cho speisealta?


Well a chàirdean, mun àm seo dhen a' bhliadhna bidh Gilleasbuig air bhioran, mar a shaoileadh sibh, agus sùil aige ri corporate tweets an dearbh latha seo fhèin [30mh Sàmhain].

Oir bha latha Naoimh Anndra a-riamh na rud tana, lom mus robh na tweets chorparra ann agus a' togail ceann a h-uile còig mionaidean, suas gu 5f co-dhiù, agus iad gu sunndach a' dùsgadh blàths ann an gach cridhe is anam a leughas iad.

Saturday, 4 November 2017

Deich bliadhnaichean dùbhlannach ach torrach (it says here)


Ten glorious years of high praise for the Bòrd in Bòrd's annual reports  


"A’ coimhead air ais air a’ chiad bhliadhna agam mar Cheannard, tha mi den bheachd gur e bliadhna shoirbheachail a bh’ ann don Bhòrd – bliadhna far am faca sinn fàs is adhartas ann am foghlam Gàidhlig, san inbhe laghail aig foghlam Gàidhlig, san àireimh de bhuidhnean poblach a tha a’ dealbh is a’ cur Phlanaichean Gàidhlig an gnìomh ..."
... thuirt Shona NicIllinein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig 'san rò-ràdh aice do aithisg na bliadhna-sa.

Dh' fhàg sin fo smuain Gilleasbuig. A chàirdean, nach buidhe dhan a' Ghàidhlig gu bheil quango buadhmhor ann 'son deich bliadhna a-nise, a rinn obair a tha a' fàgail cor na cànain far a bheil i an-diugh?