Thursday, 30 November 2017

Dè th' ann a tha fàgail latha Naoimh Anndra cho àraid, cho speisealta?


Well a chàirdean, mun àm seo dhen a' bhliadhna bidh Gilleasbuig air bhioran, mar a shaoileadh sibh, agus sùil aige ri corporate tweets an dearbh latha seo fhèin [30mh Sàmhain].

Oir bha latha Naoimh Anndra a-riamh na rud tana, lom mus robh na tweets chorparra ann agus a' togail ceann a h-uile còig mionaidean, suas gu 5f co-dhiù, agus iad gu sunndach a' dùsgadh blàths ann an gach cridhe is anam a leughas iad.




"Là Naoimh Anndra sona dhuibh!", canaidh iad anns a' Ghàidhlig aca fhèin. Dè chanamaid an uair sin ach "Och, a leithid cheudna dhuibh fhèin, a luchd-gallta chòir, agus mòran dhiubh!! Tha sibh air latha air leth a chruthachadh dhomhs', sibh fhèin agus na tweetichean agaibh!!! Cha ghabhadh an latha a mhealtainn às ur n-aonais idir!!!!"

Nì Gilleasbuig cruinneachadh beag dhen fheadhainn as fhèarr am-bliadhna, agus "curaidh" (heh heh) e air loidhne iad ma bhios sibh fòrtanach.

A' faireachdainn an tìde fada gus an sin! 

Latha sona toilichte a h-uile duine!




@GilleAotrom

8 comments:

  1. Ghilleasbuig, a bhròinein, nach sibh a tha fàs searbh nad sheann aois. Curaidh mi fhìn fàilte chridheil ("bhlàth" sa Ghàidhlig ùir) air na thruiseas sibh de thweetichean corporra.

    ReplyDelete
  2. Tha Gilleasbuig deimhinne às gun curadh, a sheòid, oir tha e ri aithneachadh gur h-e creutair làn tùr is toinisg a th' annaibh, a chureas corrag chiallach ri meur-chlàr

    ReplyDelete
  3. Beul Na Fìrinne1 December 2017 at 16:53

    Shin agad e muigh 's a-mach, a churaidh ghasda. Sìn a-nall am meur-chlàr agus 's mi churas corrag ri ceòl!

    ReplyDelete
  4. An fhìrinn? Saoil am faic sinn air televisual feast #NaTrads a-nochd thu? Prògram làn de thàlant, de cheòl, de ghlàmar ... an gabh thu mo leisgeul ... (fuaim cuir a-mach)

    ReplyDelete
  5. Beul Na Fìrinne3 December 2017 at 19:50

    Chan eil mi ag ràdh nach bi mi nam aoigh air Fonn, Fonn, Fonn. Prògram a tha cho vibrant ri sgath a gheibhear sa Bheurla. Nach iad na h-aoighean eile a tha làn dibhearsain is àbhachdais, 's iad cho spontaneous ri... ri... ri...

    Feumaidh mi tarraing. Tha Fonn Fonn Fonn gu tòiseachdainn!

    ReplyDelete
  6. Sàr phrògram dha-rìribh, ach bidh cupa 'Illeasbuig a' cuir thairis nuair a nochdas Taghadh bho na Trads air neo Highlights bho Blas 2008. Tha TV eile a' coimhead fuar-thana, fad' air ais an uair sin ...

    ReplyDelete
  7. Tha mise mi fhìn a'deanamh fiughar ri Cothrom Eile air Fonn Fonn Fonn.

    ReplyDelete
  8. An duil am bi banais rioghail Harry Hewitt agus na te a th'ann as bith co i, ga chraoladh gu bhaighbreant air BBC Albania? Curidh mi geall gum bi.

    And now for the Gaelic news, read in English by Jasper Hynd-Nash: "In London today, the Prime......."

    ReplyDelete