Thursday, 21 December 2017

Bliadhna mhath 'son planaichean Gàidhlig, cha tuirt neach sam bith a-riamh

"Tha Plana Gàidhlig còig-bliadhna an CNPA, a thàinig gu bith ann an 2013, stèidhte air còig prìomhachasan: fèin-aithne, conaltraidhean, foillseachaidhean agus luchd-obrach".  - Ùghdaras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, "Lèirmheas Bliadhnail 2015/16", td 25  


A chàirdean, nach cuir sibh ur tòn fodhaibh agus dèan sibh sibh fhèin còsagach tac an teine, 's dòcha gum bi geansaidh Nollaige oirbh agus gloinne dhen dram bhuidheach nur dòrn. Slàinte mhòr, a h-uile latha a chì is nach fhaic!

Nise, mun àm seo dhen a' bhliadhna, tha e mar fhasan do 'Illeasbuig beagan, erm, cnuasachaidh a dhèanamh air uaill is moit ar cànain, sin agaibh planaichean Gàidhlig na bliadhna. Aidh, a-rithist.


Tòisicheamaid a chàirdean, le'r cead, le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba agus "Plana Gàidhlig 2017-2022". Sibhse a  chaidh a dh' fhaicinn taisbeanadh nan Seumasach, feuch am faic sibh a' mhearachd a rinneadh a dh'aona-ghnothaich*.






"Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba, le bhith a' foillseachadh a' Phlana seo, a' taisbeanadh a cuid dealais is amasan a rèir Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha e fa-near dhuinn cur ri seasmhachd na Gàidhlig an lùib na lèirsinne againn - agus a thaobh farsaingeachd nan cruinneachaidhean fo ar cùram, a tha air aon de na cruinneachaidhean ioma-chuspaireil as motha san Rìoghachd Aonaichte".
- Gordon Rintoul, stiùiriche: Rò-ràdh

"2. COILEANADH IS CNUASACHADH
"2.1 Na chaidh a choileanadh gu ruige seo 
"Bhon a chaidh am Plana Gàidhlig 2012-2015 againn a chur air chois, tha sinn air am prìomh-sheirbheis againn a leasachadh gu mòr airson luchd na Gàidhlig". Gilleasbuig: Stad! Sin gu leòr!
*Aidh, tha, gu dearbh, 's e am plana uile, air fad




Tionndamaid a-nise a dh' ionnsaigh ... cò eile ach plana Leasachadh Sgilean na h-Alba!

"Ro-ràdh
"Is e buidheann sgilean nàiseanta na h-Alba a th’ ann an Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS), a’ cuimseachadh air cur ri fàs seasmhach eaconamach na h-Alba le bhith a’ cuideachadh dhaoine agus ghnothaichean gus an cuid sgilean a leasachadh agus a chur an sàs".

"Is iad na prìomh ghnìomhan air am bi SDS a’ cuimseachadh san dàrna eagran den Phlana againn:
  • a bhith air thùs ann an leasachadh Phreantasachdan Bunachaidh Gàidhlig, a’ cleachdadh fhrèaman-obrach a th’ ann mar-thà ..." gu leòr dheth!


Gilleasbuig: 
Gu leòr dhe na planaichean! Fòghnaidh na dh' fhòghnas! 



'San dealachadh - 's dòcha gu bheil ceist oirbh fhathast, a chàirdean, gu dè tha fàgail phlanaichean Gàidhlig cho brìghmhor, cho àrd-chomasach agus a tha iad?? Saoil a bheil iad air an, erm, dearcnachadh ann an dòigh chiallach?

Ma tha, coimhead sibhse seo:


TEAMPLAID FOIRM DEARCNACHAIDH PLANA CÀNAIN GÀIDHLIG (ri fhaighinn air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig)

"Thèid an teamplaid seo a chleachdadh leis a’ Bhòrd airson measadh a dhèanamh air aithisgean dearcnachaidh. Thèid coimhead air an tar-shealladh a thaobh co-ionnanachd spèise; tairgse fhor-gnìomhach; àbhaisteachadh; na raointean leasachaidh agus prìomh raointean planadh cànain Gàidhlig an cois a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig; planadh a thaobh luchd-obrach gu h-iomlan agus coileanadh uile gu lèir. Bidh freagairt a’ Bhùird stèidhichte air fianais a tha air thaisbeanadh san aithisg"


Bidh ur n' inntinn aig fois a-nise! 

"Là Nollaig sona dhuibh" mar a chanas na tweets chorparra rinn 'san aithghearrachd!



@GilleAotrom

No comments:

Post a Comment