Sunday 14 September 2014

Am bu chòir Alba bhith na dùthaich neo-eisimeileach?

Dhomhsa is do mòran eile, chan ann mu dhèidhinn nàiseantachas a tha freagairt na cèist. ’S ann mu dhèidhinn dè seòrsa comann-sòisealta bu mhiann leinn a tha e, agus ciamar a ruigeas sinn ann?

Coimhead an Alba sa bheil sinn beò, dùthaich a tha cur thairis le iomadachd is misneachd. Am measg nan iomadach sgeulachd a tha rin cluinntinn tha an sgeul bheag agam fhìn, gall chun na smior ach fear a ghràdhaicheas Gàidhlig is a’ Ghàidhealtachd. Nuair a rugadh is thogadh mise ann an Ceann a Deas Alba, bha e soilleir gu leòr gun robh an Rìoghachd Aonaichte a’ riochdachadh adhartas agus an àm ri teachd, fhad’s a bha neo-eisimeileachd airson Alba a’ coimhead sean-fhasanta agus na cheum air ais.

An ceann dà fhichead bliadhna nach ann air an R.A. a thàinig an dà latha, agus i a-nise na dùthaich air a sònrachadh le neo-ionnanachd, a’ dol fodha ann am fiachan, an Riaghaltas a’ sìor-choimhead air ais do eachdraidh “ghlòrmhor”; chan eil coltas sam bith an-diugh gun tig adhartas aig ìre na Rìoghachd Aonaichte, ge ‘r bith cò am pàrtaidh aig a bheil cumhachd san àm. Tha seo na chùis-bhròin do mòran againn, a tha fhathast a’ toirt spèis dhan t-seann R.A. mar a bha i nuair a bha sinn òg. An-diugh ’s i an R.A. a tha bacadh adhartais.

Ach a-nise tha cothrom againn air tòiseachadh ri ath-nuadhachadh, agus air sgàth a’ chothrom sin tha comann-sòisealta na h-Alba air fàs nas deamocrataich agus nas ioma-ghnèithich mar-thà, chanainnsa, agus an dùthaich air bhoil le conaltradh mun t-seòrsa nàisein is eaconamaidh a bu mhiann leinn.

Co às am faigh sinn de threuntas a bheir ar dùilean gu buil? Chan eil math dhuinn coimhead air ais dha na linntean a dh’aom. Cha bu chòir dhuinn a bhith mòr asainn fhìn mu “deamocrasaidh sòisealta na h-Alba” mas fhìor, oir saoil an robh sin a-riamh ann an da-rìreabh? Saoil a bheil de threuntas againn coimhead air na nithean nach do shoirbhich leinn an Alba, can foghlam agus slàinte far nach eil co-ionnanachd ri fhaotainn idir a rèir nan sgrùdaidhean as mionaidiche? ’S iad raointean air an robh smachd againn fhìn mar-tha, neo aig na h-elites againn co-dhiù.

’S ann mu dhèidhinn dòchas, misneachd agus làn-chomas airson ath-nuadhachadh o bhun gu bàrr a tha e, agus làn-fhios againn nach eil status quo na h-Alba taobh a-staigh an Aonaidh idir math gu leòr tuilleadh – oir airson mòran dhaoine nar measg, chan eil e ag obrachadh; agus fios le cinnt againn gun dèanamaid nas fhèarr.

Chan eil na freagairtean uile againn gu soilleir fhathast, cha ghabh sin a dhèanamh; dh’fhaodadh e bhith gu bheil teagamhan againn, ach tha na tha sinn a’ miannachadh soilleir gu leòr: neo-èisimeileachd le rùn airson cothrom na Fèinne thoirt do gach neach ann an Alba, airson a’ chiad uair a-riamh.

Dh’fhaodadh Alba bhith na dùthaich adhartach, àrd-mhiannach, Eòrpach – feartan a tha calg-dìreach an aghaidh an rathad a tha poileataigs Bhreatainn a’ dol.

Airson nan adhbharan seo, bhòtaidh mise “Bu chòir”

  • airson toiseach tòiseachaidh deasbaid
  • airson nan iomadach Alba dh’fhaodadh a bhith ann
  • airson sùim a ghabhail de na tha siud de mi-chinnt is teagamhan nar measg, is na mo chridhe fhìn
  • airson dùbhlan a thoirt dhan dream sin an Alba a bha bho riamh gabhail ris gun robh còir-riaghlaidh aca, rè nam bliadhnaichean anns nach do dh’atharraich dad
  • airson innse dhuinn fhìn gu h-onarach an iomadach ni a rinneadh cèarr leinn, cho math ris na nithean a rinneadh fìor mhath
  • airson nan guthan ùra a tha air tighinn am follais, agus an fheadhainn a chaidh fhàgail an darna taobh is nach do bhòt a-riamh gu ruige seo
  • airson nam bliadhnaichean romhainn a thèid a thoirt gu buil le muinntir na dùthcha-sa, le aire dhan eadar-eisimeileachd againn uile.




Neil McRae 12.09.2014


Mo thaing do Gerry Hassan, gu seachd àraid am blog seo leis-san a chleachd mi le cead

No comments:

Post a Comment